PվɫÇéƬ

A' Chomhairle a' freagairt ri co-chomhairleachadh air Cìs Luchd-tadhail

Chaidh freagairt aontachadh le Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid Diardaoin (28 Samhain) air co-chomhairleachadh le Riaghaltas na h-Alba air prionnsapalan cìs luchd-tadhail.

Cuiridh an fhreagairt seo ri tuigse Riaghaltas na h-Alba air an eallaich a th' ann a thaobh na h-àrainneachd is bun-structair ann an cuid a sgìrean air sgàth àrdachadh àireamh an luchd-tadhail. Cuiridh i cuideachd ri leasachadh laghan a leigeadh le ùghdarrasan ionadail a' chìs a chur an sàs nam biodh sin iomchaidh.

Thugadh cothrom do chomhairlean coimhearsnachd agus buidhnean margaideachd ionadail an cuid bheachdan a chur mar phàirt de fhreagairt Earra-Ghàidheal is Bhòid.

Ghabh gnìomhachasan agus buidhnean-ùidh pàirt ann an coinneamh ann am Muile le riochdairean Riaghaltas na h-Alba, an lùib sreath de thachartasan air feadh na dùthcha anns an Dàmhair.

Mar thoradh air bile Cìs Luchd-tadhail a thathar a' moladh, bhiodh tuilleadh cumhachd ann airson cìsean ionadail a thogail a chuireadh ri neartachadh is gleidheadh tursan an luchd-tadhail. Cha deach gealladh a chur an cèill gu h-ionadail airson a leithid a chìs a chur an sàs.

Tha an co-chomhairleachadh as ùire a' togail air freagairtean a chuireadh tro Transient Visitor Taxes in Scotland: Supporting a National Discussion, a chaidh fhoillseachadh anns an t-Samhain 2018, agus ris an do chuir a' Chomhairle freagairt.

Tha freagairt na Comhairle don cho-chomhairleachadh ri faicinn an seo: /moderngov/ieListDocuments.aspx?CId=257&MId=8500&Ver=4

 

Did you find what you were looking for?

Why wasn't this information helpful

Limit to 250 characters.