PվɫƬ

Dà phròiseact air geàrr-liosta nan duaisean cliùiteach Quality Improvement Awards

Tha dà phròiseact ann an Earra Ghàidheal is Bòd air àite a chosnadh am-bliadhna air geàrr-liosta nan duaisean cliùiteach Quality Improvement Awards.

ThaQuality Improvement Faculty aig Comhairle Earra Ghàidheal is Bhòid agus NHS na Gàidhealtachd air ainmeachadh air geàrr-liosta na duais Toraidhean a rèir Sgèile, agus a’ bhuidheann PվɫƬ and Bute GIRFEC/Quality Improvement air àite fhaighinn air an liosta airson Duais Sgioba le a dhòigh-obrach mu choinneimh Getting It Right For Every Child (GIRFEC).

‘S e Riaghaltas na h-Alba agus Healthcare Improvement Scotland a bhios ag eagrachadh nan duaisean Quality Improvement Awards. ‘S i seo ceathramh bliadhna nan duaisean a bhios a’ moladh is a’ taisbeanadh roghainn fharsaing de dhòighean-obrach càileachd ann an Alba a bhios a’ leasachadh sheirbheisean do leanabhan, pàistean, daoine òga agus an teaghlaichean anns gach taobh dem beatha.

Thuirt Ceannard Foghlaim Chomhairle Earra Ghàidheal is Bhòid, Anne NicPhàdraig: “Tha mi uamhraidh toilichte gu bheil sinn air àite fhaotainn air geàrr-liosta nan duaisean seo. Tha Quality Improvement Faculty stèidhichte air PվɫƬ and Bute Family Pathway agus air ceangalan làidir a dhèanamh anns an sgìre. Tha a’ bhuidheann seo a’ com-pàirteachadh air na fòraman luchd-cleachdaidh againn is iad ag adhbharachadh atharrachaidhean math do na daoine òga againn. Shoirbhich le luchd-obrach na buidhne seo air sgàth an cuid saothrach gun sgur is iad a’ dèanamh trèanadh fhad ‘s a bha iad a’ coileanadh dleastanasan na h-obrach làitheil aca. Tha mi toilichte gu bheil seo air aithneachadh aig ìre nàiseanta.”

Lean a’ Bh. NicPhàdraig oirre: “Tha sinn air co-obrachadh leis an NHS air a’ phrògram GIRFEC is sinn airson builean na cloinne is na h-òigridh gu lèir a thoirt am feabhas. Tha GIRFEC a’ togail air seirbheisean coitcheann na slàinte is an fhoghlaim, a’ tòiseachadh ron àm bhreith is a’ dol air adhart tro na tràth-bhliadhnaichean agus a’ toirt a-steach a h-uile pàiste is neach òg. Bha dealas agus obair chruaidh a dhìth air an dà phròiseact seo agus bu thoigh leam mo thaing mhòr a thoirt don dà sgioba airson seo a thoirt gu buil.”

Thuirt Yvonne McNeilly, a tha na Ceannard Poileasaidh an Fhoghlaim aig a’ chomhairle: “Tha sinn a’ cur romhainn, cuide ri ar co-obraichean anns an NHS, gum faigh ar cuid chloinne is òigridh deagh thoiseach san t-saoghal seo. Tha slàinte is sunnd ar daoine òga aig teis-meadhan nan iomairtean seo agus ghuidhinn gun rachadh gu math leotha le chèile anns na duaisean seo.”

Thuirt Kieron Green, a tha na Cheannard Poileasaidh na Slàinte is Cùram Sòisealta: “Tha feuman gach teaghlaich diofraichte agus tha an dà phrògram seo a’ toirt fa-near don a sin is a’ leigeil leinn co-dhùnaidhean a dhèanamh air an taic iomchaidh as urrainn dhuinn a thoirt seachad. Tha iad a’ sònrachadh na tha a dhìth air clann is daoine òga a leigeas leotha a dhol air adhart is a’ soirbheachadh an-ceartair agus anns an àm ri teachd. Tha luchd-obrach againn a tha dìcheallach agus air cliù a chosnadh agus a bhios a’ cur math nan daoine òga air thoiseach agus tha e na thoileachas a bhith a’ faicinn gu bheilear ag aithneachadh an cuid saothrach.”

Thuirt Ceannard GIRFEC aig HSCP Earra Ghàidheal is Bhòid, Patricia Renfrew: “Tha mi fìor thoilichte gu bheil ‘Embedding the GIRFEC Approach in PվɫƬ and Bute’ air a thaghadh air geàrr-liosta nan duaisean 2019 Quality Improvement Awards. Tha sinn dealasach mu bhith a’ toirt dòighean-obrach GIRFEC am feabhas agus tha dòigh-obrach neartachadh càileachd na taic is sinn a’ cur piseach air an t-siostam. Tha na comhairlichean GIRFEC air trèanadh fhaighinn is iad a’ cur a’ Mhodail Leasachaidh gu feum agus tha seo a’ dearbhadh gu bheilear a’ neartachadh obair leasachaidh le structar agus le plana.”

To read this press release in English, visit: www.argyll-bute.gov.uk/news/2019/sep/two-projects-shortlisted-prestigious-quality-improvement-awards

Did you find what you were looking for?

Why wasn't this information helpful

Limit to 250 characters.